Moladh àireamh nam fiadh a lùghdachadh

  • Air fhoillseachadh
FèidhTùs an deilbh, Getty Images

Tha aithisg ùr, taobh a-muigh a' moladh àireamh nam fiadh ann an Alba a ghearradh.

Thathas a' smaointinn gur dòcha gu bheil suas ri millean fiadh air Tìr-Mòr na h-Alba.

Chaidh buidheann-obrach a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba ann an 2017 is dragh ann nach robh smachd ceart ga chumail air na fèidh.

Tha a' bhuidheann a-nise a' moladh nach bu chòir barrachd na deich fiadh a bhith ann airson gach cilemeatair ceàrnagaich.

Ann an cuid de dh'àiteachan, bidh seo a' ciallachadh lùghdachadh an dàrna leth ann an àireamh nam fiadh.

A rèir na h-aithisg, tha 20 no fiù 's barrachd de na beathaichean ann airson gach cilemeatair ceàrnagaich ann am pàirtean de Phàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Gartain

Am measg mholaidhean eile, tha cur às dhan t-seusan dùinte a thaobh sealg nam fiadh fireann, is seusan dùinte nan eildean a lùghdachadh.

Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir cur às dhan chasg air prosbaigean seilg-oidhche.

Thathas cuideachd a' moladh àireamhan a ghearradh mar dhòigh air a' chunnart bho Thinneas Lyme a lùghdachadh, is fèidh a' sgaoileadh nan gartan a tha a' sgapadh an tinneis.

'S ann air SNH a tha dleastanas airson poileasaidh nam fiadh ann an Alba.

Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir dhan bhuidhinn barrachd den airgead aca a chosg air poileasaidh nam fiadh.

Thuirt SNH gu bheil iad a' beachdachadh air an aithisg.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh