Beàrn ionmhais aig NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Tha a h-uile coltas ann gum bi NHS nan Eilean Siar £800,000 thairis air buidseat aig deireadh na bliadhna ionmhais seo.
Chuala coinneamh de bhòrd na buidhne gu bheil cosgaisean cùraim a' sìor èirigh agus nach gabhadh an còrr a dhèanamh gus a' bheàrn a lìonadh.
Bha plana aig NHS nan Eilean Siar a bha ag amas air £3m a shàbhaladh sa bhliadhna ionmhais seo.
Chuala a' choinneamh Diciadain gun robh iad a' dèanamh adhartais, ach gun tàinig grunn chosgaisean orra ris nach robh dùil agus nach gabhadh seachnadh.
Toll
Nam measg, bha àrdachadh air na tha iad a' cosg air inbhich agus cloinn le trioblaidean slàinte-inntinn a chur gu tìr-mòr airson cùraim.
Tha barrachd dhaoine anns an sgìre le tinneasan maireannach a dh'fheumas drugaichean cosgail, agus tha an àireamh de sheann daoine a dh'fheumas cùram a' fàs.
'S e sin as coireach ri beàrn £800,000 sa bhuidseat, beàrn nach gabh a lìonadh ro dheireadh a' Mhàirt a rèir àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.
Thuirt e gun do rinn iad gach oidhirp airgead a chùmhnadh, ach nach dèanadh iad càil a bheireadh buaidh air cùram nan euslainteach.