Naidheachdan 11:00m

Thuirt neach-labhairt do Riaghaltas na h-Alba gu bheil a h-uile dùil aca an ceann là no dhà ri dearbhadh air cùis de Chorona-Bhìoras ann an Alba. Agus thuirt e gum biodh comas ann an Alba an ceann seachdain no dhà aig lann-sgrùdaidh rannsachadh a dhèanamh airson a' ghnè den bhìoras a thòisich ann an Wuhan ann an Sìona.

Cha bhi an 200 Breatannach a tha fhathast ann am baile Wuhan a' falbh à Sìona an-diugh. Cha tug na h-ùghdarrasan Sìonach cead fhathast dhan phlèana aca falbh às an sgìre. Dh'èirich an àireamh a chaill am beatha leis a' ghalar gu 170. Tha an Ruis air a crìoch ri Sìona a dhùnadh, 's nì Buidheann Slàinte na Cruinne co-dhùnadh an-diugh an tèid èiginn slàinte a ghairm air feadh an t-Saoghail.

Dh'innis an Rùnaire Còmhdhail, Grant Schapps, do Bhuill-Phàrlamaid ann an Westminster gun tig co-dhùnadh bhon Riaghaltas air an ath-mhìos mun phròiseact rèile HS2. Tha àrd-mhinistearan an Riaghaltais air a bhith a' deasbad a' phròiseict agus teagamh ann le cosgaisean a' sìor èirigh mun sgeama airson loidhne-rèile luath eadar Lunnainn agus Birmingham agus air adhart gu Manchester agus Leeds. Tha an Seansalair, Sajid Javid, a' cur a thaic ris a' phròiseact.

Bàs Iasgair

Chaill duine a bheatha an dèidh dha tuiteam à bàt-iasgaich a tha clàraichte sa Ghearmailt mu 45 mìle tuath air Rubha Robhanais ann an Leòdhas tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh fios air na Maoir-Chladaich ann an Steòrnabhagh mu 03:00m. Bha heileacoptairean à Steòrnabhagh agus Inbhir Nis, bàta-teasairginn Steòrnabhaigh, agus bàtaichean iasgaich eile a' coimhead airson an duine airson suas ri trì uairean de thìde mus deach a thogail às an uisge agus e marbh.

Thuirt Diageo, a' chompanaidh uisge-beatha Albannach, gum feumar aonta a dhèanamh anns a' chogadh malairt a tha a' fàgail taraif 25% air mac na braiche singilte a tha a' dol gu margaidh sna Stàitean Aonaichte. Dh'fhoillsich Diageo - a' chompanaidh dibhe as motha a th' air an t-Saoghal - prothaid agus reic nas motha air an dàrna leth den bhliadhna an-uiridh. Ach thàinig rabhadh bhuapa cuideachd gum faodadh mì-chinnt mu mhalairt air feadh an t-Saoghail droch bhuaidh a thoirt air na figearan sin am-bliadhna.

Tha an A83, am prìomh rathad ann an Earra-Ghàidheal, fhathast dùinte an dèidh maoime-slèibhe air an Rest and Be Thankful. Nì Bear Scotland co-dhùnadh an-diugh an gabh seann rathad an Airm anns an sgìre fosgladh gu trafaig. Gus an tachair sin chan eil roghainn aig luchd-siubhail ach slighe eile a tha a' cur 60 mìle ris an astair.