Tuathaich toilichte le turchartas
- Air fhoillseachadh

Gheibh muinntir Uibhist a Tuath a-mach oidhche Haoine dè an sgìre a th' air an t-airgead as motha fhaighinn bho Chrannchur a' Chòd-Phuist.
Tha fios aig feadhainn mar-thà aig a bheil ticead gum faigh iad luach £10,000, ach thèid fhoillseachadh oidhche Haoine ann an Talla Chàirinis dè am pìos de dh'Uibhist a Tuath a th' air a bhith soirbheachail agus air an cuid de £3m fhaighinn.
"Chunnaic mi rud air Facebook an toiseach, agus bha feadhainn den teaghlach a' faighneachd an robh fhios agam mu dhèidhinn, agus cha robh mise air dad a chluinntinn gus am faca mi sin," thuirt Anne Nic Ghill' Fhialain, a fhuair deagh naidheachd Diluain.
"Cha robh mi gan creidsinn an toiseach gur e an fhìrinn a bh' ann.
"Tha fhios aig a h-uile duine aig an robh ticead gu bheil iad air rudeigin a bhuannachadh, agus gheibh sinn a-mach feasgar an-diugh cò a th' air an duais mhòr fhaighinn.
"Chan eil ach fiathachadh chun an fheadhainn aig an bheil ticead a dhol ann chun na talla. Chan eil e fosgailte dhan a h-uile duine idir.
"'S e £3m a tha seo a' tighinn a-steach gu Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh.
"Tha sin dìreach cho cudromach gu bheil an t-airgead a tha sin a' tighinn a-steach.
"Chan eil mi cinnteach co mheud ticead a bh' ann an Uibhist a Tuath air fad, ach chan eil sin gu diofar.
"Gu h-àraid aig àm dìreach às dèidh na Nollaige, tha mi cinnteach gu bheil airgead gann air daoine," thuirt i.