Obair càraidh a' leantainn air an A83
- Air fhoillseachadh
Dealbhan dròna den mhaoim-slèibhe air an A83
Leanaidh obair Dihaoine air an A83 aig an Rest and be Thankful.
Chaidh an rathad a dhùnadh às dèidh maoime-slèibhe nuair a thàinig còrr is 1,000 tunna de sprùilleach sìos cliathaich na beinne tràth madainn Diardaoin.
Tha grunn de mhaoimtean-slèibhe den aon sheòrsa air a bhith anns an sgìre bho chionn ghoirid.
Chaidh seann rathad an Airm fhosgladh feasgar Diardaoin do charbadan.
Leanaidh sin gus an tèid an A83 fhosgladh a-rithist.
Obair dìon
Tha Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Aileen Morton, ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh fusagladh maireannach fhaighinn do na trioblaidean le maoimtean-slèibhe anns an sgìre.
Thuirt an Comh. Morton nach bu chòir dàil sam bith eile a bhith air an obair sin.
Dhearbh a' bhuidheann Còmhdhail Alba gun robh Riaghaltas na h-Alba air £13.3m a chosg air obair dìon timcheall air an Rest and Be Thankful bho 2007.
Thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn gun robh an obair sin air an rathad a chumail fosgailte air 48 là far am biodh e air a bhith dùinte às aonais na h-obrach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 Am Faoilleach 2020
