Comhairlean 'son stad a chur air planaichean HIAL
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr trì comhairlean air Riaghaltas na h-Alba stad a chur air planaichean airson seirbhis iùil nam plèanaichean a stèidheachadh ann an Inbhir Nis
Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh agus Shealtainn gu Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, ag iarraidh air stad a chur air na planaichean.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid an sgrùdadh sin a dhèanamh fo ùghdarras Achd nan Eilean, ach tha na h-ùghdarrasan ionadail ag iarraidh gealltanas gum bi an rannsachadh sin mionaideach.
Gu sònraichte, tha iad airson 's gun tèid stad a chur air na planaichean seo fad 's a tha an rannsachadh ga dhèanamh.
Anns an litir, tha iad ag ràdh gum biodh droch bhuaidh aig na planaichean air eaconamaidh nan eilean, agus gum biodh aig luchd-obrach, cuid le teaghlaichean òga, ris na sgìrean fhàgail.
Tha iad ag ràdh gu bheil na planaichean a' dol an aghaidh oidhirpean gus an cumhachd a th' aig coimhearsnachdan eileanach, agus an smachd a th' aca air leasachadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean san sgìre aca fhèin, a neartachadh.
Sgrùdadh
Fo Achd nan Eilean, 's urrainn do choimhearsnachdan iarraidh gun tèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air co-dhùnaidhean sam bith a bheireadh buaidh air na sgìrean eileanach.
'S e seo a chiad turas a bhiodh an leithid de sgrùdadh air a dhèanamh.
Thug Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, taic dhan litir.
Tha esan a' faireachdan dòchasach mun sgrùdadh.
"Tha sinn gu math dòchasach a thaobh an sgrùdaidh seo a thaobh Achd nan Eilean fhèin, ma tha e air a dhèanamh chun na h-ìre gum bitheamaid an dòchas," thuirt e.
"Ma thachras e, bhiodh e a' sealltainn an uair sin dè luach a bhiodh aig sgrùdadh mar seo.
"Tha mi an dòchas nach e srac ann am bocsa a bhios ann.
"Ma nì iad seo, rud tha còir aca dhèanamh, seallaidh e dhuinn a bheil neart sam bith gus a bhith ann a thaobh chòraichean nan eilean, agus bheireadh e dòchas mòr dhuinn a thaobh rudan eile a dh'fhaodadh tighinn an rathaid ma tha buaidh aige air na h-eileanan", thuirt e.