MacColla a' nochdadh aig sgrùdadh Pàrlamaideach

  • Air fhoillseachadh
Jim MacColla

Nochd am fear-gnothaich Jim MacColla, a bha a' ruith Gàrradh MhicFhearghais, aig sgrùdadh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, 5mh den Ghearran.

Tha dà shoitheach fhathast gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais airson CalMac agus iad gu bhith còrr air trì bliadhna air dheireadh agus a' cosg còrr is £100m a bharrachd na bha dùil.

Chaidh pàirt dhen obair a dhèanamh mus deach Gàrradh MhicFhearghais fodha an-uiridh.

Tha Mgr MacColla, a bha os cionn a' ghàrradh, air fianais a thoirt seachad do buill pàrlamaid Albannach Diciadain.

Tha Mgr MacColla air CMAL, companaidh a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba, a choireachadh mu thràth mu na trioblaidean, ag ràdh gun robh iad ag atharrachadh na planaichean airson nan aiseagan.

Rinn e an aon chàineadh orra uair eile an-diugh.

"Dh'iarr sinn air CMAL stad a' chur air na h-atharrachaidhean ach lean iad orra ag atharrachadh na planaichean agus tha iad fhathast gan atharrachadh," thuirt Mgr MacColla.

Tha ceannardan CMAL a' dol às àicheadh sin.

Buannachd

Chuala an sgrùdadh cuideachd bhon neach-comhairleachaidh Luke Van Beek.

Thuirt Mgr Van Beek ri Riaghaltas na h-Alba nach biodh e gu buannachd luchd-pàighidh nan cìsean an gàrradh a chuir fo shealbh na stàite.

Cha deach gabhail ris a' chomhairle aige.