Teachdaireachd ann am botal air an scrion

  • Air fhoillseachadh
Andy MacFhionghainTùs an deilbh, Andy MacKinnon
Fo-thiotal an deilbh,

Andy MacFhionghain far chosta a' Ghraonlainn

Thèid fiolm a dhèanamh am bliadhna mu atharrachadh na gnàth-shìde às dèidh mar a thàinig botal air tìr ann an Uibhist a thàinig às a' Ghraonlainn.

Fhuair Andy MacFhionghain am botal air cladach a' Bhaile Shear ann an 2006 le litir na bhroinn.

Bhon uairsin bha Mgr MacFhionghain air a bhith a' feuchainn ri ceangal a dhèanamh leis an fhear a thilg am botal dhan t-siota deigh sa Ghraonlainn agus beachd aige gur e deagh sgeul a bhiodh ann airson fiolm goirid a dhèanamh.

A' chiad dùbhlan a bha roimhe, 's e bhith a' dèanamh a-mach sgrìobhadh na litreach oir bha am botal air a bhith san deigh agus air an t-slighe de 2000 mìle fad 2 bhliadhna.

Deigh

Chitheadh Mgr MacFhionghain cuin agus càite an deach am botal a chuir dhan deigh.

"Dhèanainn a-mach an t-ainm Niels air an litir", thuirt e.

Niels BerthelsenTùs an deilbh, Andy MacKinnon
Fo-thiotal an deilbh,

Niels Berthelsen sa Ghraonlainn

B'esan Niels Berthelsen a bha a-muigh a' sealg mhucan-mara ann am Bàgh Baffin far chosta a' Ghraonlainn.

Bha 2018 ann mus d'fhuair Mgr MacFhionghain greim air Mgr Berthelsen tro na meadhanan sòisealta.

Às dèidh bruidhinn ris, chuir e roimhe fiolm a dhèanamh air suidheachadh na gnàth-shìde is mar a bha e toirt buaidh air an dà choimhearsnachd iomallach.

Shiubhal e an uairsin gu Upernavik - eilean far taobh siar a'Ghraonlainn - is chuir e seachad 3 seachdainean an sin a' rannsachadh agus a' filomadh còmhla ri Niels.

Annasach

Rud annasach mun sgeul, duan nach cluinnear ro thric, sin gu bheil muinntir Upernavik sa Ghraonlainn toilichte mu atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha an deigh a' leaghadh leis gu bheil i nas teotha agus tha barrachd cothrom aig na h-iasgairean a bhith a-muigh ag iasgach.

"Tha muinntir a' Ghraonlainn toilichte mun atharrachadh seach gu bheil e na bhuannachd dhan eaconomaidh aca", thuirt Mgr MacFhionghain.

"Tha a h-uile pìos dhen t-saoghal diofrach. Ann an Uibhist, tha stoirmean an-seo a' toirt droch bhuaidh mu thràth agus thathar an dùil gun èirich ìre na mara", thuirt e.

Taisbeanadh solais aig Taigh ChearsabhaghTùs an deilbh, Andy MacKinnon
Fo-thiotal an deilbh,

Sealladh de thaisbeanadh solais aig Taigh Chearsabhagh a bhios ag atharrachadh leis an làn le Timo Aho & Pekka Niittyvirta

Taic

Fhuair Mgr MacFhionghain, a tha na mhanaidsear ealain aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath, agus a chuir air bhonn a chompanaidh deasachaidh UistFilm, taic airgid bho Screen Scotland airson am fiom "Teachdaireachd à Upernavik" a dhèanamh.

Thathar an-dòchas gun tig ro-shealladh den fhiolm a shealltain aig Àrd-choinneamh Atharrachadh na Gnàth-shìde aig na Dùthchannan Aonaichte - COP26 - ann an Glaschu san t-Samhain.

"Aig amanan bha mi smaointinn gun leiginn suas ach tha mi toilichte gun do chùm mi a' dol. Ann an dòigh sin teachdaireachd an fhiolm - mu bhith a' cumail a' dol, agus ag atharrachadh mar a dh'fheumas sinn", thuirt Mgr MacFhionghain.