Duine a mharbh dithis san Òban ga chumail an Carstairs

  • Air fhoillseachadh
Oskars RancevsTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha iomagain air teaghlach Oskars Rancevs gun robh trioblaidean inntinn mòra aige 's dh'innis iad sin dha luchd-obrach slàinte agus na poilis mus tug e ionnsaigh air an dithis nàbaidhean aige.

Thèid duine a mharbh dithis fhireannach san Òban ann an 2018 a chumail ann an Ospadal na Stàite, Carstairs airson ùine neo-chinnteach.

Mharbh Oskars Rancevs, a tha a' fulang le tinneas bipolar, Màrtainn Mac a' Ghobhainn le bhith ga bhreabadh 's a' stampadh air, is chaochail Iain MacIlleBhàin an dèidh mar a thàinig grèim-cridhe air fhad 's a bha e a' fònadh 999.

Bha Rancevs air esan a bhreabadh san uchd.

Dannsair

Cha do thuig poilis gun robh e marbh gu uairean an uaireadair an dèidh sin.

Bha Rancevs ainmeil san dùthaich aige fhèin, Latvia airson a bhith a' dannsa air prògraman telebhisean.

Tha eachdraidh fhada aige ged tha de thinneas inntinn, is e an dèidh leabhar a' sgrìobhadh mu schizophrenia.

Lathaichean ro na h-ionnsaighean air Mgr Mac a' Ghobainn agus Mgr MacIlleBhàin, bha dragh air leas-athair Rancevs mu cho fiathaich sa bha e air fàs, is bha teagamh air an robh Rancevs a' gabhail na pilichean aige mar bu chòir agus chur e fòn gu na seirbheisean sòisealta agus na poilis ann an Alba.

Cha deach am fiosrachadh seo a' sgaoileadh dha oifigearan poilis na sgìre.

Air an 1mh Sultain 2018, thug e droch ionnsaigh air Màrtain Mac a' Ghobhainn - ga mharbhadh air an t-sràid agus bha e air Iain MacIlleBhàin a bhreabadh.

Dh'fhòn Mgr MacIlleBhàin 999 'son innse mun ionnsaigh, ach ghabh e greim-cridhe 's chaochail e.

Sgrùdadh

Thuirt cèile Mhàrtain Mhic a' Ghobain, Linda, gu bheil i an dòchas gun tèid leiseanan ionnsachadh agus ma tha tinneas inntinn air duine, gun tèid bruidhinn riutha, no gun tèid sùil a chumail orra.

Thuirt Cùram is Slàinte Earra Ghàidheal, gun àbhaist dhaibhsan sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air tachartas mar seo, ach cha tug iad guth an deach atharrachadh sam bith a dhèanamh air na siostaman aca.

Chuir Poileas Alba stiùireadh ùr an-sàs nuair a tha cuideigin a th'air a dhroch ghoirteachadh a' fònadh thuca.

Cha tuirt iad càil mu carson nach deach fios a' sgaoileadh mu Oskar Rancevs gu oifigearan a bha ag obair san sgìre aig an àm.

Tha Oifis a' Chrùin a' beachdachadh an dràsta mu rannsachadh a rinn Coimiseanar Sgrùdaidh agus Ath-bhreithneachaidh a' Phoileis.

Tha e an urra an uairsin ri Oifis a' Chrùin an tèid rannsachadh tubaist bàsmhor a chur air chois mun a' chùis.