Puingean cudromach do Chounty

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Bhideo: Ross County 2-0 Baile Dhunlèibhe

Thog Ross County trì puingean prìseil is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh Bhaile Dhunlèibhe oidhche Chiadain.

Cha robh County air gin de na h-ochd geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.

Rinn iad toiseach-tòiseachaidh làidir ann an Inbhir Pheofharain oidhche Chiadain ge-tà, Billy MacAoidh gan cur air thoiseach le oidhirp ìosal dhan lìon.

Chuir MacAoidh tadhal eile is cha mhòr uair de thìde air a cluich.

Piseach

Thog e air ball fada bho Iain Vigurs is le coltas ìomhaighean-cloiche air loidhne-dìon Bhaile Dhunlèibhe, chaidh e timcheall air Robby McCrorie mus do stiùir e am ball dhan lìon.

Chrìochnaich an geama 2-0 is le Hearts air call ri Cille Meàrnaig agus St Mirren is Hamaltan co-ionnan am Pàislig, tha coltas nas fheàrr air suidheachadh Chounty.

'S beag an t-iongnadh gun robh an co-mhanaidsear, Steafan Fearghasdan, air a dhòigh às dèidh làimh.

"Bha fios againn gum biodh e duilich is tha sinn cho toilichte na trì puingean fhaighinn," thuirt Fearghasdan.

CountyTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

An dàrna tadhal aig Billy MacAoidh oidhche Chiadain.

"'S e dìreach aona gheama a th' ann. Tha trì geamaichean deug air fhàgail againn airson an targaid againn - fuireach sa Phrìomh Lìog - a choileanadh.

"Ceum beag a bha seo is feumaidh sinn togail air," thuirt e.

Rinn Fearghasdan cuideachd moladh mòr air Billy MacAoidh fhèin.

Fois

"Cuiridh Billy na tadhail ma gheibh e seirbheis cheart. Fhuair e taic bhon sgioba a-nochd.

"Tha fios againn uile dè tha e a' toirt dhan sgioba," thuirt e.

Bidh fois aig County a-nise is an ath-gheama aca an aghaidh Hibs ann an Dùn Èideann Diciadain seo tighinn.

Bidh Baile Dhunlèibhe air ais air a' Ghàidhealtachd ron sin is iad a' dol an aghaidh Chaley Thistle ann an Inbhir Nis ann an Cupa na h-Alba Disathairne.