Dùil ri seann sagart sa chùirt an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Seann sgoil Abaid Chille Chuimein

Tha dùil gun tèid seann sagart air a bheileas a' fàgail gun robh e ri droch-dhìol feiseil agus fiosaigeach air balaich a thoirt à Canada 'son a dhol mu choinneimh cùirte an Alba.

Thachair na h-ionnsaighean, ma 's fhìor, aig Sgoil Abaid Chille Chuimein eadar na 1950an agus na 1980an.

Cha do rinn Raibeart MacCoinnich, a tha 87, ath-thagradh an aghaidh an iarrtais gus a thoirt air ais a dh'Alba.

Tha 16 casaidean na aghaidh, às dèidh do 16 duine gearain a dhèanamh.

Tha Mgr MacCoinnich a' dol às àicheadh nan casaidean.

Cùirt

Thuirt Oifis a' Chrùin gur e an 3mh den Ghearran an ceann-là a bh' aig Mgr MacCoinnich 'son ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh iarrtais 'son a thilleadh a dh'Alba.

Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh a ràdh dè thachras a-nise, ach thathas an dùil gun tèid Mgr MacCoinnich a thoirt à Canada a dh'Alba is gun nochd e aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis.

Chaidh fear eile a bha na shagart aig Sgoil Abaid Chille Chuimein, Dennis Alexander, a thilleadh a dh'Alba mar-thà is seachd casaidean de dhroch-dhìol feiseil an aghaidh chloinne anns na 1960an is 1970an na aghaidh.

Bha Mgr Alexander air cur an aghaidh oidhirp a thoirt air ais a dh'Alba.

Nochd e aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis air an 10mh den Fhaoilleach is dùil a-nise ri cùis-lagha na aghaidh.