Rabhadh buidhe 'son gaoith mhòir is sneachda

  • Air fhoillseachadh
Rabhadh gaoithe

'S e gèile agus sneachda a tha iad a' gealltainn Diluain, an dèidh do Storim Ciara mòran den dùthaich a thulgadh air an deireadh-sheachdain.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a thoirt seachad air feadh a' mhòr-chuid de dh'Alba Diluain.

Leanaidh sin gu deireadh an là Dimairt.

Bidh tàirneanaich agus clachan-meallain ann cuideachd agus bidh e gu math fuar, eadar 4 agus 6 celsius air a' char as fheàrr.

Tha a h-uile coltas ann gum bi buaidh air seirbheisean còmhdail is eile Diluain agus Dimairt cuideachd, gu h-àraid seirbheisean nam bàtaichean-aiseig.

Ann an Alba, tha 51 rabhaidhean a' leantainn a thaobh thuiltean.

Ann an Inbhir Nis, chaidh na geataichean a dhùnadh air Abhainn Nis oidhche Dhòmhnaich eadar Drochaid nam Manach is Drochaid Nis.

Buaidh Ciara

Thug Stoirm Ciara buaidh cha mhòr air an Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Ged a bha gèile is uisge an ceann a tuath na h-Alba, b' ann aig deas bu mhotha a thug i buaidh - ann an Sasainn, sa Chuimrigh agus an ceann a deas na h-Alba.

Tha na mìltean fhathast gun dealain aig deas, agus tha feadhainn ann an Sasainn agus anns a' ceann a deas a' fulang le tuiltean.

Anns na Crìochan, thuit aghaidh taigh-aoigheachd ann an Hamhaig às dhèidh dhan Abhainn Teviot bunait an togalaich a sguabadh air falbh.

Thuirt na Poilis nach deach duine a ghoirteachadh.