Coinneamh mu sheirbheis slàinte na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, ri ceannardan Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an-diugh, agus ri buidhinn de dhotairean a thog draghan mu bhurraidheachd anns a' bhuidhinn sa chiad dol a-mach.
Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd aig deireadh na mìos seo chaidh gur dòcha gun toir e suas ri trì bliadhna gus molaidhean a chur an sàs gus dèiligeadh ri burraidheachd.
Dh'innis na ceudan dhan rannsachadh aig Iain Sturrock QC mu chasaidean de bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd gun robh iad air "eagal, maoidheadh agus dol a-mach mì-iomchaidh" fhulang san àite-obrach.
Às dèidh dha aithisg fhoillseachadh an-uiridh, thabhainn ceannardan NHS na Gàidhealtachd leisgeul air an luchd-obrach, agus gheall iad nach gabhadh iad ri burraidheachd a chaoidh tuilleadh.
Ach tha draghan air leantainn, le aonadh an GMB ag ràdh air a' mhìos a chaidh gu bheil burraidheachd a' leantainn aig NHS na Gàidhealtachd.
Thuirt am bòrd às dèidh sin gun toir e suas ri trì bliadhna gus molaidhean an aghaidh burraidheachd a chur an sàs.
Diluain, coinnichidh Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, ri ceannardan a' bhùird, agus ri buidhinn de dhotairean a thog draghan sa chiad dol a-mach.
Am measg eile, tha iadsan fhathast a' sireadh soillearachaidh a thaobh airgead-dìolaidh.