Geamaichean sa chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais

Chaidh na geamaichean iomain anns a' chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais a dhearbhadh Diluain.

Nam measg, thèid Ceann a' Ghiùthsaich a chluiche Lòbhat agus feuchaidh Bàile Ùr an t-Slèibh ris an tiotal aca a dhìon an aghaidh na Manchainn.

A rèir cuid aig Comann na Camanachd, tha gu leòr ri choimhead air adhart ris mar-thà anns a' cho-fharpais.