Dàil air tilleadh sheirbheisean màthaireachd an Eilginn

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn

Tha luchd-iomairt air NHS Roinn a' Mhonaidh a chàineadh às dèidh dhan bhòrd slàinte aideachadh nach till seirbhisean màthaireachd gu Ospadal an Dr Gray an Eilginn as t-earrach mar a bha dùil.

Thuirt am buidheann-iomairt Keep Mum gur e bristeadh-dùil a th' ann, ach nach eil e idir na iongnadh.

Thàinig seo am follais nuair a thadhail Rùnaire na Slàinte Jeane Freeman air an ospadal Dimàirt.

Thuirt i gun tachradh seo leis gun do dh'atharraich riaghailtean a thaobh luchd-obrach gu nàiseanta.

Dh'iarr i air Bòrd Slàinte Mhoireibh plana ùr a dhealbh agus a thoirt dhi ro dheireadh na h-ath-mhìos.

Ach dhiùlt i a ràdh cuin dìreach a thèid na seirbheisean a stèidheachadh a-rithist.

Rinneadh lùghdachadh air seibheisean màthaireachd aig an ospadal anns an Iuchar 2018 air sgàth cion luchd-obrach.

B' fheudar do bhoireannaich Moireabh fhàgail, a' dol a dh'Obar Dheathain no a dh'Inbhir Nis, nuair a tha dùil aca ri leanabh.