Gearraidhean nas doimhne an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Chaidh na tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' faighinn de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba a ghearradh barrachd na comhairlean eile.

Tha seo a' fàgail gum feum an t-ùghdarras ionadail na milleanan notaichean a bharrachd a ghearradh far a' bhuidseit aca airson 2020/21.

Chaidh buidseat calpa na Comhairle, (na dh'fhaodas iad a chosg air rathaidean, sgoiltean agus maoin eile) a ghearradh 21%, an taca ri 17% ann an Alba san fharsainneachd.

Chaidh buidseat làitheil na Comhairle, (airson a chosg air seirbheisean a ruith) a ghearradh 1.4%, an taca ri 1% ann an Alba san fharsainneachd.

Uallach Sheirbheisean

Coinnichidh an Làn-Chomhairle airson buidseat na bliadhna-ionmhais a tha romhainn a stèidheachadh Diardaoin 27mh Gearran.

Rinn ceannard na Comhairle, an Comh. Aileen Morton, càineadh air a' ghearradh a thàinig orra.

"Tha Earra-Ghàidheal agus Bòd airidh air a' cheart uimhir de thaic agus in-ionmhais 's a tha sgìrean comhairle eile," thuirt i.

"Fàgaidh gearradh cho mòr seo gum bi buaidh a bharrachd ga toirt air na seirbheisean làitheil againn.

"Tha e cuideachd a' cur chnapan-starra air fàs a thoirt air eaconomaidh na sgìre, aig àm nuair a tha Earra-Ghàidheal is Bòd feumach air barrachd dhaoine agus cosnaidhean a thàladh.

"'S e Earra-Ghàidheal is Bòd an dàrna sgìre comhairle as motha, agus 's ann ann a tha an àireamh as motha de dh'eileanan air a bheil sluagh ann an sgìre comhairle sam bith ann an Alba.

"Tha seo a' fàgail gum bi seirbheisean nas daoire a thoirt seachad, agus gum feum a' Chomhairle airgead a chur an sàs ann an seirbheisean nach eil nan uallach air comhairlean eile, leithid seirbheisean aiseig agus adhair.

"A dh'aindeoin seo, tha gearradh nas motha a' tighinn oirnne na tha air comhairlean eile an Alba san fharsainneachd.

"Cha chuirear fàilte air seo, airson a' chuid as lugha a ràdh."

Aiseagan

Chuir an Comh. Morton fàilte ge-tà, air an naidheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur £1m a bharrachd ri seirbheisean aiseig.

"Thog sinn roimhe air cho cudromach 's a tha seirbheisean aiseig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd le Riaghaltas na h-Alba, agus tha sinn a' cur fàilte air an àrdachadh seo air na dh'fheumas a bhith na thaic don sgìre seo," thuirt i.

"Bidh Riaghaltas na h-Alba, tro Chòmhdhail Alba, a' maoineachadh sheirbheisean aiseig ann am pàirtean eile de dh'Alba. Tha sinne air a bhith ag obair gus leithid sin de thaic fhaighinn do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd, mu choinneimh chosgaisean làitheil agus aiseag Lios Mòr ùrachadh.

"'S e comharra math a th' ann do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd gu bheil Riaghaltas na h-Alba air am buidseat àrdachadh uimhir.

"Feumaidh sinn a-niste dearbhadh foirmeil air na tha sinn a' dol a dh'fhaighinn," thuirt i.