Naidheachdan 11:00m

Dh'fhosgail Drochaid Phort na Ban-rìghinn a-rithist bho chionn cairteal na h-uaireach. Chaidh an drochaid a dhùnadh Diluain le deigh a' tuiteam far nan càballan na cunnart do chàraichean gu h-ìosal. Tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil a' chuid as miosa den aimsir sin seachad.

Rinn sgiobannan teasairginn cobhair air dusan duine a bha glacte anns na càraichean aca le sneachda trom ann an Dùn Phris is Gal-Ghàidhealaibh an-raoir. Bha iad glacte ann am Bealach Dhail Mhinn air rathad an A702.

Tha tuilleadh fiosrachaidh a' tighinn am follais mu dhithis dhotairean air a bheil an Corona-Bhìoras. Chuir iad le chèile ùine seachad ag obair ann an ionad tubaiste is èiginn aig Ospadal Worthing air taobh siar Shussex. Thuirt an t-ùghdarras slàinte nach eil sin a' toirt buaidh sam bith air obair àbhaisteach an ospadail. Thadhail an dithis cuideachd air dachaigh cùraim san sgìre, agus air dà ionad GP. Tha an ochdnar ann am Breatainn a tha a' fulang uile gan cumail ann an iomallachd. Tha an galar a' sgapadh air toabh a-muigh Shìona le aithris air 47 cùis ann an Singapore, agus 175 a-niste air soitheach an luchd-turais ann an Iapan.

Thug an Riaghaltas ann an Lunnainn cead do riaghladair nam meadhanan, Ofcom, peanas a chur air companaidhean nam meadhanan sòisealta a bhios a' foillseachadh stuth mì-laghail no a tha a' dèanamh cron. Tha plana an Riaghaltais a' ciallachadh gum bi dleastanas cùraim air buidhnean mar Facebook, Twitter agus Youtube, agus gun tigeadh orra stuth co-cheangailte ri ceannairc no drabastachd an aghaidh choinne a thoirt a-nuas gun dàil.

Fhuair an Seanadair Bernie Sanders misneachd na oidhirp air seasamh dha na Deamocrataich ann an Taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte. Ghabh esan a' chiad àite ann an ro-thaghadh New Hampshire. Bha Pete Buttigieg anns an dàrna àite, agus an t-seann Leas-Cheann-Suidhe, Joe Biden, pìos math air dheireadh anns a' chòigeamh àite.