Iomagain ag èirigh mu chladaichean Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha an droch shìde agus na stoirmean bho chionn ghoirid a' cur gu mòr ri dragh mu chrìonadh a' chladaich air taobh siar Uibhist.
Chan eil e soilleir dè na chaidh a chall de dh'fhearann no cò air a tha an dleastanas feuchainn ri stad a chur air crìonadh a' chladaich.
Tha seo na adhbhar dragh do mhuinntir an àite, agus mòran de dh'fhearann Uibhist gu math ìosal.
"Gu h-àraid dìreach am pìos a tha seo far a bheil sinn den chladach, agus a-null gu tuath, tha e dìreach ag ithe a-steach gu mòr mòr," thuirt Iain Dòmhnallach, a tha na chroitear anns a' Bhaile Shear.
Mol
"Tha e a' cur uallaich air an fheadhainn as fhaisge air - tha taighean rudeigin ùr aca ann - agus tha e a' cur uallaich air na croitearan eile cuideachd a thaobh talmhainn.
"Gu h-àraid taobh an ear a' Bhaile Shear. Chan eil am mol agad a th' air an taobh an iar a tha ga chumail.
"Tha sin ag ithe a-steach, 's tha an talamh a' falbh. Tha an t-eilean a' fàs beag," thuirt e.
Chaidh beàrn mhòr a thoirt à raon-parcaidh os cionn a' chladaich sa Bhaile Shear.
Aig Cill Donnain, bha cnapan talmhainn a bh' air am briseadh rim faicinn nan laighe ann an sreath co-dhiù leth mhìle de dh'fhaid.
Sgaoil an t-uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, iarrtas ag iarraidh cuideachaidh on t-sluagh gus fiosrachadh a chruinneachadh air na chaidh de mhilleadh a dhèanamh eadar Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla.
Dealbhan Saideil
"Feumaidh sinn coimhead air sin," thuirt cathraiche Sealladh na Beinne Mòire, Màiri Schmoller.
"Gheibh sinn dealbhan saideil bho SGRIPD (Buidheann Stiùiridh nam Pàighidhean 's nan Sgrùdaidhean Dùthchail aig Riaghaltas na h-Alba) 's ma dh'fhaoidte gum faic sinn nas fheàrr an uair sin.
"Ma dh'fhaoidte gu bheil SGRIPD a' faighinn nan dealbhan saideil, ach a bheil duine sam bith eile gan coimhead ge-tà?
"Sin an obair thoiseach againn às dèidh a' Gheamhraidh.
"Chan eil e ullamh fhathast. Bidh seachdain no dhà eile de ghèilichean againn, tha mi cinnteach, agus an uair sin feumaidh sinn tòmhas," thuirt i.
Tha ceann an raoin-laighe aig Port-Adhair Bheinn nam Fadhla dìreach os cionn a' chladaich, 's bho chionn bhliadhnaichean tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) air dìon a chur air faisg air mìle den chladach bho a bhith a' crìonadh. Chosg sin £1m.
Far a bheil crìonadh a' chladaich a' dol a thoirt buaidh air a' bhun-structar a tha le Comhairle nan Eilean Siar, leithid rathaidean, thèid obair-càraidh no dìon a dhèanamh.
Tha mu 30 mìle de chladach fo ùghdarras Oighreachd Uibhist a Deas.
"Dè ghabhas dèanamh mu dhèidhinn? Sin a' cheist," thuirt Màiri Schmoller.
"Agus an e cleas na rinn iad ann am Barraigh leis an lìon iasgaich? No a bheil dòighean eile ann?
Airgead
"Feumaidh sinn bruidhinn ris an Riaghaltas, a' Chomhairle, 's a h-uile duine eile, o chionn 's, chan urrain do Stòras leis fhèin rud a dhèanamh.
"Chan eil an t-airgead againn.
"Tha airgead againn, agus cuiridh sinn rud ann, ach cha dearg sinne air a' chosgais gu lèir a ghiùlain idir.
"Ach feumaidh sinn fiosrachadh fhaiginn bho na daoine aig a bheil fios dè nì sinn leis," thuirt i.
Tha grunn uachdaran air fearann Uibhist a Tuath, agus ged a bhiodh miann ann rudeigin a dhèanamh, an deadh aca air a dhèanamh?
"Bhruidhinn sinn fhèin riutha o chionn bhliadhnaichean, ach cha chreid mi gun robh an t-airgead aca," thuirt Iain Dòmhnallach.
"Chan eil gnothaichean 's dòcha cho làidir sin. Chan eil ann ach màl nan croitearan, 's beagan eile.
"Chan eil mi a' smaoineachadh 's dòcha gu bheil an t-airgead aca fhèin, 's chan eil e aig na croitearan airson cus a dhèanamh ris na cladaichean," thuirt e.
'S e an duilgheadas do dh'Uibhist a th' ann, an ann nuair a bhios an suidheachadh na èiginn a thèid coimhead ris, agus am bi sin ro anmoch?