200,000 a-nis a' cleachdadh Duolingo Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha barrachd dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig a-niste le Duolingo na tha a' fuireach ann an Obar Dheathain.
Thàinig e am follais air an deireadh-sheachdain gu bheil còrr 's 200,000 duine a' cleachdadh app Duolingo.
"Ann an dòigh 's e sin as coireach gun robh sinn ag iarraidh Gàidhlig fhaighinn air Duolingo," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh, a tha am measg an fheadhainn a chuir an cùrsa air dòigh.
"'S e platform uabhasach fhèin mòr a th' ann, agus tha fhios againn uile cho math 's a bha Gàidhlig na h-Èireann agus a' Chuimris a' dèanamh air a' phlatform.
Leasachadh
"Ann an dòigh b' e sin a thug oirnn a bhith ag iarraidh seo sa chiad àite.
"Ach fhathast, tha teagamh mu dhèidhinn dè cho math 's a chòrdas Gàidhlig ri daoine, 's am bi iarrtas ann air a son.
"Tha e math dearbhadh fhaighinn gu bheil an ùidh sin ann," thuirt e.
Chan ann aige seo a tha e a' stad ge-tà, agus leasachadh ri dhèanamh air an app a th' ann.
"Tha tòrr ri dhèanamh fhathast," thuirt Màrtainn.
"Tha sinn ag obair air an ath-phìos den chùrsa.
"Ann an dòigh 's e abairtean agus faclan bunaiteach a th' air nochdadh mar thà, agus an ath-ìre bidh sinn a' togail air siud - barrachd ghnìomhairean a' nochdadh, abairtean nas adhartaiche ann an dòigh.
Beag ach Bitheanta
"Fiù 's taobh a-staigh an app fhèin, tha tòrr a ghabhadh dèanamh gus a leasachadh," thuirt e.
Tha mar a tha air soirbheachadh leis an app air togail a thoirt do luchd-labhairt a' chànain, agus na h-àireamhan a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig ag èirigh, seach a' tuiteam.
"Tha dà thaobh ann, ach tha e math gu bheil e a' toirt misneachd do dhaoine," thuirt Màrtainn.
"Agus a bharrachd air àireamhan tha e an-còmhnaidh math a bhith a' faighinn sgeulachdan bho dhaoine a th' air a bhith ag ionnsachadh, ach a tha a-nis air a dhol air ais, agus cho mòr 's a tha Duolingo a' còrdadh riutha.
"Ann an dòigh, ann a bhith ag ionnsachadh rud sam bith, 's e "Beag ach Bitheanta" a tha a dhìth ort, agus tha Duolingo uabhasach fhèin math airson sin, tha e a' toirt cothrom dhut, fiù 's ma 's e glè bheag a tha thu a' dèanamh, tha thu a' dèanamh rudeigin gach là, agus tha sin a' cur gu mòr ri ionnsachadh.
"Tha e math a bhith a' cluinntinn cuideachd gu bheil leithid Glaschu Beò a' faighinn chlàraidhean a bharrachd air na clasaichean acasan.
"Agus bhiomaid an dòchas gum biodh daoine a' togail air seo agus an uair sin a' dol air adhart gu ionnsachadh air na clasaichean-oidhche agus gu ceart sa choimhearsnachd - agus a bharrachd air sin gun toir e pròis agus moit do luchd-labhairt na Gàidhlig," thuirt e.