Naidheachdan 11:00m

Chaidh dearbhadh gu bheil Corona-Bhìoras air cùpall à Breatainn a tha glacte air soitheach luchd-turais an Diamond Princess ann an Yokohama ann an Iapan. Tha Dàibhidh agus Sally Abel, à Oxfordshire, air a bhith a' cumail fiosrachaidh mun t-suidheachadh ris na meadhanan 's iad am measg na tha ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cobhair a dhèanamh air na Breatannaich a th' air a' bhàta. Tha 22 dhuine de chriutha am measg 74 duine à Breatainn air an Diamond Princess. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gu bheil iad ag ullachadh phlèana airson iad sin a thoirt dhachaigh.

Nì Rùnaire ùr an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, oidhirp an-diugh air taic fhaighinn dha na planaichean buidseit aice. Bheir i fianais do chomataidhean Pàrlamaid agus i a' feuchainn ri aonta a dhèanamh le pàrtaidhean eile. Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh an-diugh 's a-màireach a chur buidseat na bliadhna ionmhais ùire air dòigh. Tha e coltach gum bi a' Chomhairle £2.6m thairis air buidseat aig deireadh a' Mhàirt, agus thuirt an Neach-Gairm, Tormod Dòmhnallach, nach fhaca e riamh cùisean ionmhais cho doirbh aig an àm seo den bhliadhna.

Chaidh an àireamh a tha gun chosnadh ann am Breatainn sìos a-rithist anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh, mu 16,000 gu 1.29m. Chaidh an àireamh gun chosnadh an Alba sìos cuideachd 14,000 gu 96,000.

Tha naoi rabhaidhean mu thuiltean fhathast ann an diofar sgìrean ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh an dèidh Stoirm Dennis air an deireadh-sheachdain. Tha coimhearsnachdan air feadh Shasainn, na Cuimrigh agus cheann a deas na h-Alba a' glanadh 's a' sgioblachadh an dèidh nan tuiltean a rinn milleadh air dachaighean agus togalaichean eile.

Chuir adhbharan teicnigeach stad air còrr is 1,000 de sheirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn an-uiridh, a rèir nam figearan a fhuair Pàrtaidh Uaine na h-Alba. Tha sin cha mhòr 300 a bharrachd air na bh' ann ann an 2018, 's tha na h-Uainich ag iarraidh air Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, ath-sgrùdadh a dhèanamh air na planaichean airson bhàtaichean ùra do ChalMac. Thuirt Còmhdhail Alba ge-tà, gur ann fìor ainneamh - dìreach aon turas anns gach ceud - a tha adhbharan teicnigeach a' cur stad air seirbheisean.