Cothroman an lùib gnìomhachas na feamad

Chan fhaighear nas fheàrr ma dh'fhaoidhte na costaichean an taobh siar gus gnìomhachas na feamad a leasachadh agus tuathanas de a leithid a stèidheachadh.

Sin a chuala na bha an làthair aig Co-Labhairt Gnìomhachas Feamainn na h- Alba anns an Òban.

Chuala iad cuideachd gu bheil slighe ri dhol fhathast mus tèid aig companaidhean brath a ghabhail air na cothroman a th' ann.