Ceathrar air am marbhadh ann an tubaist air an A82
- Air fhoillseachadh

Chaidh an A82 aig Tòrr Lunndaidh a dhùnadh airson 11 uairean a thìde às dèidh na tubaist
Bhàsaich dithis nighean bheag, bliadhna a dh'aois agus trì bliadhna a dh'aois, agus boireannach is fireannach ann an tubaist le dà charbad faisg air a' Ghearasdan.
Bha an ceathrar a bhàsaich ann am Mini Cooper.
Thachair an tubaist air an A82 aig Tòrr Lunndaidh às dèidh 17:30f Diardaoin.
Bha am boireannach a bhàsaich 26 agus am fireannach aois 25.
Chaidh boireannach 56 bliadhna a dh'aois a shaoradh à Ford Fiesta le luchd-smàlaidh agus chaidh a toirt dhan ospadal anns a' Ghearasdan.
Tha i air a droch ghoirteachadh ach chaidh a ràdh nach eil i ann an cunnart bàsachadh.
Chaidh an rathad a dhùnadh airson 11 uairean a thìde às dèidh na tubaiste.
Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais no duine sam bith aig a bheil clàraidhean dashcam a thighinn air adhart.
Thuirt An Comh Anndra Baxter gu bheil a h-uile duine ann an Loch Abar a' cuimhneachadh air an fheadhainn air an tug an tubaist seo buaidh agus ag ùrnaigh air an son.
"S e naidheachd eagallach a tha seo do theaghlach agus caraidean an fheadhainn a bhàsaich anns an tubaist seo.
"Tha mi a' faicinn mòran bròin air na meadhanan-sòisealta."