County air an dòigh
- Air fhoillseachadh

Thàinig an tadhal a bhuannaich an geama le dìreach dà mhionaid air fhàgail.
Thuirt Steafan Fearghasdan gu bheil e an dòchas gu bheil Ross County air ceum mòr a ghabhail nan oidhirp fuireach sa Phrìomh Lìog le trì puingean aig Pittodrie Disathairne.
Chuir Curtis Main Obar Dheathain air thoiseach sa chiad leth, ach chaidh Dean Caimbeul aig na Dons a chur far na pàirce goirid às dèidh sin is e air dà chairt bhuidhe fhaighinn.
Bha County co-ionnan ro leathach-slighe tro Bhilly MacAoidh, is bhrist MacAoidh air falbh anns na mionaidean mu dheireadh gus na puingean a bhuannachadh dha na Staggies 2-1.
Bha Steafan Fearghasdan agus co-mhanaidsear eile Chounty, Stiùbhart Kettlewell, air draghan a thogail roimhe nach robh an sgioba a' togail phuingean gu leòr ann an geamaichean air falbh bhon taigh.
'S beag an t-iongnadh gun robh iad air an dòigh oidhche Shathairne.
"Bha fios againn nach robh sinn air a bhith math gu leòr air an rathad", thuirt Fearghasdan.
Sònraichte
"'Son sin a chur ceart aig àite mar Phittodrie, tha e dìreach air leth.
"Chan eil ann ach trì puingean ach feumaidh sinn togail air seo is a chleachdadh mar cheum air an rathad a dh'ionnsaigh a bhith a' fuireach sa Phrìomh Lìog", thuirt e.
Rinn Fearghasdan moladh mòr cuideachd air Billy MacAoidh.
Tha am fear-aghaidh a-nise air còig tadhail a chur anns na ceithir geamaichean mu dheireadh aige.
"Chan e cothroman sìmplidh a bh' aige", thuirt Fearghasdan.
"Fhuair e taic bho na balaich eile is tha fios againn ma tha sinn a' cruthachadh nan cothroman gun cuir Billy na tadhail", thuirt e.
Tha County a-nise deich puingean os cionn Hearts a th' aig bonn na lìog, is ochd air thoiseach air Hamaltan san àite play-off.