Taic do chloinn Bhun-sgoil na Pàirce
- Air fhoillseachadh

Bha còrr air 50 smàladair a' feuchainn ris an teine a chur às Diluain
Tha tachartasan gan cur air dòigh airson sgoilearan Bhun-sgoile na Pàirce, a chaidh na teine Diluain.
Fhuair a' chlann agus an luchd-obrach gu lèir a-mach às an togalach gu sàbhailte mus do sgap an teine, a rinn milleadh mòr.
Tha Ionad Spòrs Inbhir Ghòrdain air seiseanan snàimh agus geamannan a chur air doigh dhan chloinn.
Acadamaidh Inbhir Ghòrdain
Tha àite sgoile rè-ùine ga chur air dòigh dhaibh aig Acadamaidh Inbhir Ghòrdain bho Dhiardaoin.
Tha Cluba Ball-coise Ross County ag iarraidh air daoine tabhartasan aodaich is nithean eile a thoirt seachad, is a' chlann air gnothaichean a chall anns an teine.
Bha Ross County a' dèanadh coidseadh aig an sgoil.
Teaghlach Ross County
Thuirt an cluba: "Tha a h-uile duine aig Ross County cho duilich mu dhèidhinn na thachair aig Bun-sgoil na Pàirce - 's e pàirt chudromach de theaghlach Ross County a th' anns an sgoil."
Tha dùil gur e seann choimpiutair-uchd a dh'adhbharaich an teine.
Aig aon àm, bha còrr air 50 smàladair a' feuchainn ris an teine a chur bàs.
Tha 176 leanabh aig Bun-sgoil na Pàirce, le 32 anns an sgoil-àraich.