Dragh mu sheirbheis nam busaichean air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
BusTùs an deilbh, Getty Images

Dh'iarr BP Lib Deamach air a' Ghàidhealtachd air Riaghaltas na h-Alba seirbheisean bus sa cheann a tuath a leasachadh.

Thuirt ball Ghallaibh, Chataibh is Taobh Sear Rois, Jamie Stone, nach eil earbsa aig daoine anns na seirbheisean a th' ann.

Bha e a' bruidhinn is figearan, taobh a-muigh a sgaoil an Riaghaltas air sealltainn gun do thuit an àireamh de thursan bhusaichean ann an Alba 10% thàiris air còig bliadhna gu 2018/19.

Air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, bha ìsleachadh 18% ann.

Slaic

Thuirt Mgr Stone nach robh seo na iongnadh dha.

"Chan eil na h-àireamhan seo ach a' sealltainn an rud a tha daoine san sgìre agam air a bhith ag ràdh rium: gu bheil seirbheisean bus a' dol bhuaithe.

"Tha luchd-siubhail ag iarraidh barrachd bhusaichean agus seirbhisean as an urrainn dhaibh earbsa a chur. An àite sin, tha seirbheisean air an lùghdachadh no air an gearradh gu tur.

Aiseag
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na figearan a' sealltainn cuideachd gu bheil barrachd dhaoine a' cleachdadh aiseagan.

"Feumaidh an Riaghaltas seirbheisean air a' Ghàidhealtachd a leasachadh gus am bi earbsa aig daoine annta às ùr," thuirt e.

Thuirt Rùnaire na Còmhdail, Mìcheal MacMhathain, gu bheil cleachdadh bhusaichean air a bhith a' crìonadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte bho na 1960an.

Thuirt e ge-tà, gu bheil coltas gealltanach air cùisean ann an Alba is cha mhòr trì chairteal de thursan air còmhdhail phoblaich air busaichean.

Dh'innis e cuideachd gu bheil an Riaghaltas a' gealltainn còrr is £0.5bn a chosg air maoin bhusaichean 'son ùghdarrasan ionadail, cho math ri airgead 'son rathaidean a leasachadh, a bharrachd air còrr is £260m a tha iad a' cosg gach bliadhna air seirbheisean bus.

Càraichean

Am measg eile, sheall na figearan cuideachd gun robh àrdachadh 27% anns na bha a' cleachdadh phort-adhair na h-Alba anns na còig bliadhna gu 2018.

Bha 10.3 millean de luchd-siubhail air aiseagan na dùthcha ann an 2018, le àrdachadh 6% thairis air còig bliadhna.

Bha cleachdadh thrèanaichean air a dhol suas 13%.

Dh'innis na figearan cuideachd gu bheil còrr is 3 millean càr a-nis air rathaidean na h-Alba, an àireamh as àirde riamh.