Buidseat nan Eilean Siar 's Earra-Ghàidheal rin aontachadh
- Air fhoillseachadh

Thèid gearraidhean de £2.6m a dheasbad aig Comhairle nan Eilean Siar Diardaoin, is buill gus buidseat na bliadhna a dhearbhadh.
Tha dùil gun tèid àrdachadh 4.8% aontachadh air Cìs na Comhairle.
Ach tha ceist ann mu na thèid a dhèanamh le £729,000 de dh'airgead a bharrachd a chaidh a thabhainn Diciadain mar phàirt den aonta a rinneadh eadar an SNP agus na h-Uainich ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Tha an suidheachadh a thaobh a' bhuidseit aig ìre Westminster agus Holyrood air tòrr mì-chinnt adhbhrachadh do na comhairlean ionadail.
Tha na thèid air beulaibh chomhairlichean ann an Steòrnabhagh Diardaoin stèidhichte air na thuirt Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, air an 6mh là den Ghearran.
Tha beàrn sa bhuidseat aca de £4.4m.
A thuilleadh air àrdachadh a thoirt air Cìs na Comhairle, tha iad a' moladh ghearraidhean de £2.6m a dhèanamh, agus £1.6m den stòras a th'aca air a chur an dàrna taobh airson cuideachadh le buidseatan san àm ri teachd a chleachdadh airson a chòrr den bheàrn a lìonadh.
Chan fhàgadh sin ach £1.5m san stòras sin.
Earra-Ghàidheal
Tha àrdachadh co-dhiù 3% san amharc anns a' Chìs Chomhairle ann an sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid, far am bi comhairlichean cuideachd a' stèidheachadh a' bhuidseit aca Diardaoin.
Tha beàrn £8.5m anns a' bhuidseat sin, agus a thuilleadh air a' Chìs Chomhairle a chur suas, tha moladh ann cuideachd prìs sheirbheisean na Comhairle a chur suas.