Seumas Keatings air a dhòigh

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Mar a chaidh Keatings a pheanasachadh sa chiad dol a-mach.

Dh'innis Seumas Keatings aig Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil e air a dhòigh gum bi cothrom aige cluich sa chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba.

Dh'innis an SFA Diardaoin gun deach cur às dhan chasg a bh' air Keatings às dèidh dha cairt dhearg fhaighinn sa gheama an aghaidh Rangers Colts san iar-chuairt dheireannaich.

Cho-dhùin an rèitire sa gheama gun robh Keatings air e fhèin a thilgeil gu talamh feuch breab-peabais fhaighinn.

Bha an SFA an toiseach air a dhol an aghaidh ath-thagradh a rinn Caley Thistle.

Connspaid

Chuir sin an ceòl air feadh na fidhle gu buileach.

Dh'innis Caley Thistle gun robh còrr is millean duine air coimhead air bhideo de na thachair air an làraich-lìn aca, is chaidh ath-chuinge a chur air dòigh feuch cur às dhan pheanas.

Thuirt an SFA an uairsin gun robh mearachd anns an dòigh às an deach dèiligeadh ris a' ghnothach, is chaidh tribiùnal eile a chur air dòigh.

Tha sin a-nise air cur às dhan chasg air Keatings is faodaidh e cluich anns a' chuairt dheireannaich.

"Tha mi air mo dhòigh", thuirt Keatings.

Cothrom

"Cluicheadair sam bith aig ìre sam bith, tha iad 'son cluich ann an cuairtean deireannach.

"'S e buille a bh' ann dhomh is tha mi air leth toilichte a-nise gum bi cothrom agam cluich sa gheama", thuirt e.

Thèid Caley Thistle an aghaidh Raith Rovers sa chuairt dheireannaich ann am Peairt air an 28mh den Mhàirt.

Bidh an geama beò air BBC ALBA.