Faraidhean aiseig an asgaidh do dhaoine òga?

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig

Bu chòir faraidhean aiseig an asgaidh a bhith ann do dhaoine òga, a rèir Bhòrd Coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Sgrìobh iad litir gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gum bi còmhdhail an asgaidh do dhaoine nas òige na 19, mar a bhios aca air na busaichean.

Thèid faraidhean bus an asgaidh a thoirt do dhaoine fo 19 bliadhna de dh'aois ann an Alba fo aonta ùr eadar na h-Uainich agus an SNP.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, gu bheileas airson taic a thoirt do dh'òigridh a thuilleadh air a bhith a' cuideachadh le bhith dèiligeadh ri Atharrachadh na Gnàth-Shìde.

Ann an litir a' sgrìobh Aonghas Caimbeul, a tha na chathraiche air Bòrd Coimhearsnachd ChalMac, thuirt e gun toireadh seo co-ionnanachd do dh'òigridh nan eilean.

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil iad toilichte gun deach faraidhean bus an asgaidh a thoirt do dh'òigridh agus gu bheil Bòrd Coimhearsnachd ChalMac airson brosnachadh a thoirt do dhaoine òga còmhdhail phoblach a chleachdadh.

Thathas a-nis a' cur ìmpidh air Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain agus Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, sgeama nam busaichean a leudachadh gu faraidhean aiseig.