Duais do dh'fhear a fhuair botal le teachdaireachd na bhroinn
- Air fhoillseachadh

'S e fear-glanaidh na tràghad, Eanraig Anderton, a fhuair am botal le litir na bhroinn.
Chaidh teachdaireachd a chuireadh ann am botal agus a shadal dhan mhuir am meadhan a' Chuain Siar a lorg le fear a bha a' glanadh tràigh ann an Sealtainn.
Chosinn Eanraig Anderton duais $1,000 (£770) agus thèid an aon suim airgid a thoirt do chathrannas glèidhteachais a thaghas e fhèin.
'S e companaidh a tha a' foillseachaidh na h-iris, 2600, a tha a' toirt seachad na duaise.
Chuir an sgioba tèarainteachd aca litir sa bhotal agus shad iad dhan mhuir e far an Queen Mary II san Dùbhlachd 2018 agus i air an t-slighe à New York gu ruige Southampton.
Thuirt iad aig an àm gun cuireadh e iongnadh mòr air an luchd-obrach nan lorgadh duine am botal rim beò.

Cosgar an t-airgead air seann bhogsa-fòn ùrachadh.
Tha dùil ann gun do shiubhail am botal co-dhiù 1,500 mìle mus deach fhaighinn aig Littlelure ann an Sealtainn.
Thuirt Mgr Anderton, a tha ag iomairt airson glanadh nan tràighean: "Feumaidh gur e Sruth a' Chuain Siar a Tuath a ghiùlain e mas do ghabh e slighe eile gu ruige seo.
"Ghabh iad iongnadh mòr nuair a chuir mi post-d thuca ag innse dhaibh gun do lorg mi e," thuirt e.
Chan e seo a' chiad bhotal a fhuair e san robh teachdaireachd agus a chuir e freagairt dhan fheadhainn a sgrìobh iad - ach thuirt e gur e sgudal sa chumantas a bhios e a' lorg air an tràigh.
Thuirt Mgr Anderton gu robh an tabhartas cathrannais a' dol dhan bhuidhinn, The Ocean Cleanup, agus gun robh dùil aige a chuibhreann fhèin dhen duais a chosg air a' bhogsa-fòn dhearg ùrachadh.
Cheannaich e am bogsa-fòn, faisg air Walls, airson £1 agus fhuair e am peant dearg ceart bho BhT.
Thuirt e: "Tha sinn air iomairt a chur air chois airson airgead a thogail a chuidicheas sinn leis an obair - feumaidh sin doras a lorg an toiseach."
Aon uair 's gu bheil e air a chàradh, dìonach agus air a pheantadh tha e airson agus gum bi e na àite-fasgaidh do dhaoine.
Thuirt e: "Bu chaomh leinn gun sgrìobhadh daoine sgeulachdan mu na cuimhneachain a th' aca mun bhogsa-fòn - bidh leabhar ann leotha agus fiosrachadh do luchd-turais 's dòcha.
"'S e àite a bhios ann far an urrainn do dhaoine suidhe, fighe neo coimhead air an fhiadh-bheatha.
"Thuirt mo nighean gu robh mi feumach air pròiseact - uill, seo m' obair airson na bliadhna seo."

Tha am botal a-nis air ais ann am Ameireaga le Emmanuel Goldstein
Thuirt Emmanuel Goldstein, a thilg am botal dhan mhuir, gun do rinn e sin feuch am faigheadh duine e - ach dh'aidich e cuideachd gu robh e a' faireachdainn rudeigin ciontach mu dheidhinn.
"Tha mi gu math toilichte gun deach a lorg. Chan eil mi am beachd rud sam bith eile a thilgeil air falbh a-rithist," thuirt e.
Thuirt Mgr Goldstein: "Bha i iongantach freagairt fhaighinn bho Mgr Anderton mun eilean far a bheil e a' fuireach agus na rudan sa bheil ùidh aige.
"'S e an rud as inntinniche gum bi e a' cosg na duaise air bogsa-fòn - tha dealbhan de bhogsaichean-fòn air cùl na h-iris againn."