Co-dhùnadh Cùirt an Fhearainn "ceàrr"

  • Air fhoillseachadh
Port-Adhair SteòrnabhaighTùs an deilbh, Stephen Branley/Geograph

Tha Cùirt an t-Seisein air co-dhùnadh gun robh Cùirt an Fhearainn ceàrr còir a thoirt do chroitearan Mhealaboist is Bhràigh na h-Aoidhe ann an Leòdhas air talamh air a bheil pàirt de Phort-Adhair Steòrnabhaigh stèidhichte.

Bha Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) air ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh breith Cùirt an Fhearainn, 's iad airson an talamh a reic ri companaidh airson taighean a thogail.

Tha am Morair Chàrlabhaigh, ann an Cùirt an t-Seisein, air breithneachadh gun deach cur às do chòirichean croitearachd nuair a ghabh Ministrealachd an Adhair smachd air an fhearann aig àm an Dàrna Cogaidh.

Chuir neach-labhairt bho HIAL fàilte air an naidheachd, 's thèid iad a-nis air adhart le am planaichean airson an fhearainn.