Teicneolas slàinte ùr do dh'itealain
- Air fhoillseachadh

Tha companaidh ann an Inbhir Nis air teicneolas ùr a chruthachadh airson cuideachadh le suidheachaidhean meadaigeach èiginn air itealain.
'S ann air tablaid a tha siostam Aiber is gheibh criubha trèanadh ann a bhith ga chleachdadh.
Bidh Aiber a' tional fiosrachaidh mun euslainteach.
Thèid am fiosrachadh sin a chur sa mhionaid gu dotairean air tìr.
'S e a' chompanaidh MIME Technologies, a chaidh a thòiseachadh le Oilthigh Obar Dheathain, a tha air an siostam a dhealbh.
Ùidh
Bidh na mìltean de dhaoine a' fàs tinn air itealain gach bliadhna is suidheachadh ann tric nuair nach eil dotair air bòrd.
Thuirt MIME gur e trioblaid a th'ann a tha a' fàs le barrachd dhaoine a' siubhail air pleànaichean, is barrachd de sheann daoine nam measg.
Tha iad ag ràdh gum faodadh Aiber beatha dhaoine a shàbhaladh, is airgead a chaomhnadh cuideachd leis mar a tha e cho cosgail do chompanaidhean, itealain a chur far an cùrsa nuair a tha cuideigin air bòrd tinn.
Dh'innis MIME gu bheil companaidhean-adhair mòra mar-thà air ùidh a shealltainn san teicneolas.