Fireannach a dhìth air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha iomairt a' leantainn gus fireannach a tha a dhìth air a' Ghàidhealtachd a lorg.
Chaidh Gòrdan Buchan, 55, fhaicinn mu dheireadh ann an Caol Loch Aillse mu 1f Didòmhnaich.
Fhuaireadh an càr aige, Citroen C4 gorm le àireamh-chlàraidh R006 KFU, ann an Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach às dèidh sin.
Iomagaineach
Tha na maor-chladaich agus bàtaichean-teasarginn às a' Chaol agus Port Rìgh air a bhith an sàs san iomairt gus a lorg.
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' fàs gu math iomagaineach mu Mhgr Buchan.
Tha e 5′ 10″, le gruag ghoirid dhorcha a tha a' liathadh.
Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh, bha dìnichean gorma air, lèine ghlas agus seacaid uaine.