Clach air ais am Marc-Innis
- Air fhoillseachadh

Thill Clach na Cùdainn dhachaidh oidhche Chiadain, còrr is dà mhìos às dèidh do theine sgrios a dhèanamh aig Pàirc Sràid nan Granndach.
Tha an cluba air cuid de na goireasan aca a chur air dòigh às ur, is iad cuideachd air bothain eadar-email a chur an sàs.
Ged a chaill Clach 3-0 ri Formartine air a' cheann thall Diciadain, 's e faochadh mòr a bh' ann dhan chluba a bhith air ais ann am Marc-Innis.
Bidh iad a-nise ag amas air sreap suas Lìog na Gàidhealtachd ro dheireadh an t-seusain.
Tha dùil aca an còrr den obair air na seòmraichean-deasachaidh a dhèanamh as t-samhradh.