Corp fear a bha dhìth air a lorg an Loch Aillse
- Air fhoillseachadh

Dhearbh na poilis gun d'fhuair iad corp Peadar Rothaich Dihaoine air an tràigh an ear air Caol Loch Aillse mu 11.30m.
Chaidh Mgr Rothach, a bha 41 agus a bhuineadh do dh'Achadh na Tràghad faisg air Loch Carran, fhaicinn mu dheireadh air an 3mh den Mhàrt san Dòrnaidh.
Chaidh an corp aige a lorg le taic bho bhàta-theasairginn Chaoil Loch Aillse.
Tha fios aig a theaghlach.
Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.