Dragh mu bhuaidh a' chorona-bhìorais air turasachd

  • Air fhoillseachadh
Port RìghTùs an deilbh, Getty Images

Tha dùil gun tèid togail air na duilgheadasan a tha a' tighinn am follais an lùib a' chorona-bhìorais aig co-labhairt turasachd 'san Eilean Sgitheanach Dimàirt.

Dìreach mar a tha iomadh gnìomachas eile, tha dragh air feadhainn a tha an-sàs ann an turasachd san sgìre mu bhuaidh a' chorona-bhìorais.

Tha stiùiriche Ionad Àrois ann am Port Rìgh, Dòmhnall Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil a' bhuaidh follaiseach mar-thà anns an Eilean Sgitheanach.

Chan eil faisg uimhir de luchd-turais rim faicinn, gu h-àraidh às na dùthchannan Àisianach, agus tha feadhainn eile a' leigeal fhaicinn nach bi iad a' siubhal 'son làithean-saora san sgìre.

Buaidh

Thuirt Mgr Dòmhnallach: "Aig an ìre seo chan eil an corona-bhìoras air ruigheachd cho fada tuath ri seo ach mar-thà tha sinn a' faicinn gu bheil e a' toirt buaidh air turasachd air feadh na dùthcha agus tha sinn air tòiseachadh sin fhaicinn anns an Eilean Sgitheanach.

"Tha daoine air tòiseachadh a' cur dheth làithean-saora, tha sinn a' tuigsinn gu bheil àitichean-fuirich, nach eil iad buileach cho trang 's a bha iad an dòchas a bhith anns a' mhìos neo dhà a tha ri tighinn.

"Ach aig an ìre seo cha chanainn gu bheil cus buaidh aige oirnn, agus 's dòcha gum bi cola-deug neo trì seachdainnean eile ann mus bi gnothaichean nas soilleire", thuirt e.

Ach le draghan mun chorona-bhìoras a' cur stad air daoine bho a bhith a' dol thall thairis 'son làithean-saora, 's dòcha gu bheil cothrom ann dhan ghìomhachas air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan

Cothrom

"Tha cothrom gu dearbha ann an sin", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Feumaidh sinn an cothrom sin a ghabhail, 'son tha cunnart mòr ann airson tòrr ghnìomhachasan mura tig luchd-turais dhan Ghàidhealtachd is na h-eileanan.

"Tha an eaconamaidh againn stèidhichte air turasachd gu ìre, agus mura biodh sin ann bhiodh trioblaidean aig tòrr ghnìomhachasan.

"Tha mi smaoineachadh gu bheil e an urra ris a' bhòrd-turasachd agus buidhnean eile a bhith a' brosnachadh a' chothruim a tha sin agus a bhith a' feuchainn ri bhith a' toirt air daoine a' tighinn gu tuath an àite a bhith a' dol a-null thairis", thuirt e.

Aig an aon àm anns na h-eileanan an iar tha Ionad Meidigeach an Loch a Tuath ann an Steòrnabhagh air iarraidh air daoine gun tighinn dhan ionad mur a h-eil coinneamh aca le dotair, ri linn is mar a tha an coròna-bhìoras a' sgapadh.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine a tha a' sireadh barrachd fiosrachaidh mun bhìoras a dhol gu làrach-lìn an NHS.