Sgoil ùr ga moladh ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh Dimàirt air a bheil còir sgoil ùr a thogail ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Bhiodh an sgoil ùr ann an ceann a deas bhaile Inbhir Nis.
Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha an àireamh thaighean dhoine a tha a' fuireach anns a' bhaile air a bhi a' sìor èirigh.
Tha sin fhèin a' cur cuideim mhòir air sgoiltean a' bhaile.
Dà earrainn
Tha gu leòr dhiubh a tha a-nis làn neo a' cur thairis.
Theid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt taic a chur ri plana airson sgoil ùr a stèidheachadh ann an ceann a deas a' bhaile.
Bhiodh an sgoil ùr suidhichte gu tuath air an Tòrr Bhreac.
Rachadh a togail ann an dà earrainn agus bhiodh àite ann airson còrr is 300 sgoilear agus sgoil-àraich anns a' chiad earrann den phròiseact.