Cù a chaidh a dhìth air a lorg le sgioba teasairginn
- Air fhoillseachadh

Chaidh aig dithis bho sgioba teasargainn san iar-thuath air lorg fhaighinn air cù a bha a dhìth san sgìre aca, le bhith a' bruich hama agus isbeanan faisg air far an deach a chall.
Bha an cù-chaorach còmhla ri dithis a dh'fheumadh toirt gu sàbhailteachd le heileacoptair air an deireadh-sheachdain, agus iad air a bhith a-muigh a' ruith ann an droch shìde.
Ghabh Nell an t-eagal nuair a thàinig an heileacoptair faisg oirre agus ruith i air falbh.
Cha deach a faicinn a-rithist le buill bho sgioba teasairginn Dhùn Dòmhnaill a bha cuideachd a' gabhail pàirt anns an iomairt.
Ach chaidh dithis bhall bhon sgioba, Alison Nic a' Ghobhainn agus Raonaid Druimeanach a-mach dhan sgìre a-rithist Diluain len coin fhèin agus le barbecue.
Shuidh iad airson an fheòil a bhruich, agus cò nochd ach an cù, Nell, a bha a dhìth.
Choisich Nell còig mìle air ais còmhla ris na buill agus bha coltas oirre nach tug an tachartas droch bhuaidh oirre idir.
Chaidh an cù a thoirt air ais gu a maighstirean a bha a' feitheamh aig prìomh ionad na sgioba ann an Dùn Dòmhnall.