Cead do bhun-sgoil ùir ann an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean ann an Inbhir Nis cead do bhun-sgoil ùir a thèid a thogail air taobh a deas a' bhaile.

Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha an àireamh dhaoine a tha a' fuireach anns a' bhaile air a bhith a' sìor èirigh.

Dh'fhàg am fàs sluaigh sin mòran de sgoiltean a' bhaile làn.

Bidh an sgoil ùr suidhichte gu tuath air an Tòrr Bhreac agus gabhaidh i còrr is 850 duine-cloinne aig a' cheann thall.

Thèid a togail ann an dà earrainn. Anns a' chiad earrann den phròiseact bhiodh àite ann airson còrr is 333 sgoilearan ann an 12 seòmar-clas agus sgoil-àraich le rùm gu leòr airson 128 pàistean.

San dàrna earrann den leasachadh thèid 12 seòmar-clas a bharrachd a thogail a ghabhas 326 sgoilearan agus dà sheòmar-cluiche eile airson 64 pàistean san sgoil-àraich.

Tha raon spòrs, cidsin, seòmar-bìdhe agus seòmraichean-altraim cuideachd sa phlana.