Ullachadh ann am Muile mu choinneimh a' chorona-bhìorais
Tha muinntir Mhuile air ceumanan a ghabhail airson dèiligeadh ris a' chorona-bhìoras ma nochdas e san eilean.
Chaidh duileag eadar-lìn a chur air bhog le fiosrachadh do dhaoine agus ghnothachasan, agus tha iad air gairm a chur a-mach airson neach-cuideachaidh saor-thoileach a nì cobhair air an fheadhainn as motha a th' ann an cunnart sa choimhearsnachd.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.