Buaidh Chorona-bhìoras air turasachd Sgitheanaich
- Air fhoillseachadh

Tha buaidh a' Chorona-bhìorais ri fhaicinn ann an gnìomhachas na turasachd san Eilean Sgitheanach, a-rèir na buidhne Skye Connect a rinn rannsachadh.
Tha an ceathramh cuid ris an deach bruidhinn air fios fhaighinn bho dhaoine nach eil a' dol air adhart le saor-làithean san eilean, agus thuirt aon chompanaidh gu bheil iad air còrr is £30,000 a chall ri linn.
Tha an t-eilean saor fhathast bhon bhìoras, agus tha Skye Connect a' dèanamh sanasachd air an sgìre mar àite fallain, fosgailte.
"'S e mì-chinnt is mì-thuigse an rud as duilghe buileach mu dhèidhinn chùisean an-dràsta," thuirt Coinneach MacIllEathain, a th'air bòrd-stiùiridh na buidhne.
"Bidh e an seo, 's bidh e seachad"
"Agus 's e fiosrachadh ceart agus comhairle a tha deatamach, agus às an sin chuir Skye Connect tomhais air dòigh thairis air an deireadh-sheachdain, a' faighneachd de ghnìomhachasan turasachd ciamar a bha cùisean aca-san.
"Fhreagair mu 10% bhon 900 a fhuair an tomhais a bha seo.
"Bha a' mhòr-chuid dhiubh-san, bha iad dòchasach gu leòr, oir bha iad ag ràdh nach fhaca iad fhèin na h-àireamhan de luchd-turais a' dol sìos. Bha daoine fhathast a' tighinn.
"Ach air an làimh eile, thuirt cairteal dhiubh gun robh iadsan air daoine a chall 's iad air na tursan aca a chur dheth - an-dràsta co-dhiù.
"'S e àireamh gu math beag a fhreagair, ach tha sin gu math cumanta. Mar as trice chan fhaigh thu ach 5%.
"10% faodaidh sinn stem a dhèanamh dheth seo ceart gu leòr.
"Gu cinnteach, chan eil teagamh sam bith gu bheil gnothaichean a' dol a dh'fhàs beagan nas miosa.
"Cha tàinig sinn faisg air an ìre as àirde den bhìoras a tha seo fhathast, agus tha a-niste bruidhinn gur dòcha gum bi sin ann an cola-deug.
"'S dòcha gum faic sinn an uair sin gu bheil àireamhan a' lùghdachadh.
"Feumaidh sinn cuideachd cuimhneachadh gun tachair seo gu math grad, gu math obann. Bidh e an seo, 's bidh e seachad.
"Agus an aon rud air am bi feum aig daoine às dèidh sin 's e deagh làithean-saora fhaighinn, agus bidh an t-Eilean Sgitheanach fosgailte air a shon," thuirt e.