Dragh air CnES mun eaconomaidh

  • Air fhoillseachadh
AirgeadTùs an deilbh, PA Media

Tha dragh air Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar mun bhuaidh a bheir an Corònabhìoras air an eaconomaidh.

Bha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn às dèidh buidseat Westminster Diciadain.

Cha robh fiosrachadh sa bhuidseat sin air na gheibh Comhairle nan Eilean Siar de dh'airgead bho Aonta nan Eilean.

Ach tha an Comh. Dòmhnallach an dòchas gum faigh na h-Eileanan an Iar suim nas motha na an £25m a fhuair Earra-Ghàidheal is Bòd.

Àireamh-Sluaigh

"Tha mi a' smaoineachadh, muinntir Earra-Ghàidheal fhèin, nach eil iad ro thoilichte leis, agus 's e an t-adhbhar airson sin, na h-aontaidhean gu lèir a th' air a bhith ann tarsainn na dùthcha air fad, 's ann a rèir àireamh-sluaigh a tha sin air a dhèanamh," thuirt e.

"'S e sin a th' air tachairt dha Earra-Ghàidheal cuideachd.

"Ach tha sinne a' meas, gu h-àraid leis na còmhraidhean a th' air a bhith againn gach cuid leis an Riaghaltas ann an Lunnainn agus ann an Dùn Èideann, gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn barrachd air sin.

"Cha bhiodh e gu feum sam bith dhuinne nam biodh e stèidhichte a-mhàin air àireamh-sluaigh - cha bhiodh sinn a' faighinn fiù 's uimhir 's a th' aig Earra-Ghàidheal," thuirt e.

Thuirt an Comh. Dòmhnallach gum faodadh an suidheachadh a th' ann leis a' Chorònabhìoras bualadh air airgead a thathas a' gealltainn, is an eaconomaidh a chur air ais ann an crìonadh.

"Ma leanas am bhìoras a tha seo airson trì no ceithir de mhìosan eile tha mi a' smaoineachadh gum faodadh e droch bhuaidh sgriosail a thoirt air an eaconomaidh, agus an uair sin bidh sin a' toirt buaidh air dè tha a' dol a thachairt leis an ionmhas a bharrachd a th' air a thighinn a-steach do dh'Alba," thuirt e.

"Agus cuideachd dè an comas a th' aig an Riaghaltas ann an Westminster tòrr de na rudan a tha iad air a bhith a' gealltainn a choileanadh ma 's e 's gum feum iad tòrr a bharrachd airgid a chur mu choinneimh.

"Agus 's e fìor dhroch rud a bhiodh an sin dhan eaconomaidh - chan ann a-mhàin anns an dùthaich seo, ach tha sinn a' faicinn buaidh sin tarsainn an t-saoghail.

"Dh'fhaodadh sin a dhol air ais gu crìonadh mar a bh' againn bho chionn grunn math bhliadhnaichean air ais," thuirt e.