Naidheachdan 11:00m

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach eil iad a' faicinn adhbhair sam bith casg a chur air luchd-siubhail às dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich mar dhòigh air smachd a chur air a' Choròna-Bhìoras mar a rinn na Stàitean Aonaichte. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun cuir an casg, nach eil a' toirt buaidh air Breatainn no Èirinn, dìon air Aimeireaganaich. Thuirt an Seansalair, Rishi Sunak, nach eil fianais sam bith san dùthaich seo airson casg a chur an sàs. Ach tha dùil ri tuilleadh mholaidhean bhon Riaghaltas an-diugh airson dèiligeadh ris a' bhìoras.

Thuit luach nan earrainnean air na margaidhean Eòrpach leis an naidheachd mu chasg air siubhal dha na Stàitean Aonaichte. Thàinig 6% far luach nan earrainnean ann an Lunnainn a' chiad ghreis den mhadainn.

Chuir dragh mun bhìoras stad cuideachd air co-labhairt mhòr na turasachd VisitScotland Expo aig toiseach na h-ath-mhìos. Bha dùil ri còrr is 2,000 duine bho air feadh an t-Saoghail aig a' chruinneachadh ann an Obar Dheathain air a' chiad 's an dàrna là den Ghiblean.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba a' ceasnachadh am bu chòir tachartasan mòra mar gheamaichean ball-coise a bhith a' dol air adhart oir gu bheil iad a' cur uallaich, thuirt i, air na seirbheisean èiginn. Thuirt Nicola Sturgeon cuideachd nach eil iad a' coimhead aig an ìre seo co-dhiù air sgoiltean a dhùnadh.

Tha dùil gum faigh Holyrood £360m às na chaidh ainmeachadh anns a' Bhuidseat an-dè airson gnìomhachas a chuideachadh tro staing a' Choròna-Bhìorais. Bidh e a-nise an urra ri Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, ciamar a thèid sin a chosg.

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh airson càradh air Rèile-Beinne a' Chàirn Ghuirm. Dhùin an loidhne funicular anns an t-Sultain ann an 2018, agus trioblaid ann le structar na rèile. Chan eil cinnt ann fhathast ge-tà, dè chosgadh an obair.

Tha fo-thaghadh anns an Eilean Sgitheanach an-diugh airson Uàrd Eilein a' Cheò. Tha sianar thagraichean a' seasamh an dèidh do Raghnall Dòmhnallach a dhreuchd mar chomhairliche fhàgail.