Obair rèile-beinne a' sireadh cead dealbhachaidh
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarrtas airson cead dealbhachaidh a chur a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd airson obair a dhèanamh air rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm.
The an rèile air a bhith dùinte bhon t-Sultain 2018 ri linn trioblaidean structarail.
Chan eil ùine no cosgais air a chur ron obair fhathast a rèir Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) leis a bheil an rèile-beinne.
Feumar cead fhaighinn airson taic a chur ris an rèile airson a dhaingneachadh.
Chaidh an rèile-beinne fhosgladh ann an 2001 agus e a' ceangal ionad gu h-ìosal ri taigh-bìdhe agus ionad sgìthidh 1,097m suas beinn a' Chàirn Ghuirm faisg air an Aghaidh Mhòir.
Thuirt HIE nach robh co-dhùnadh fhathast ann mun phlana airson na h-obrach agus na cosgais a bhios na lùib.
Toinnte
Thug iad tuairmse gun cosg an obair suas ri £10m.
Ge b' e an e obair-càraidh no a bhith a' toirt air falbh na rèile 's e cùis thoinnte a bhios ann oir feumar a dhèanamh ann an dòigh nach toir droch bhuaidh air a' bheinn - te de na Rothaich as aithnichte an Alba.
'S e heileacoptair a bhathar a' cleachdadh airson stuth a thoirt chun na làraich nuair a bhathar ga togail.
San Lùnastal seo chaidh thuirt HIE gum feumte obai-càraidh a dhèanamh air cha-mhòr an dàrna leth de ghàirdeanan an rèile, agsus gum feumadh obair-daingneachaidh a bhith air a dèanamh air na sparan.
Thuirt àrd-oifigear HIE san eadar-ama, Carroll Buxton, gur e obair iom-fhillte a bh' ann iarrtas cead dealbhachaidh a chur ri chèile airson an leithid.
"Tha sinn riamh air a ràdh gu bheil sinn airson an rèile-beinne a thilleadh mar a bha e, sin ma tha an taic-airgid ann, agus ma thèid an plana-gnìomha aontachadh," thuirt Ms Buxton.
"Ach feumaidh sinn na ceadan uile a bhith againn mus tòisich sian, sin an t-adhbhar a tha sinn a' cur airson cead dealbhachaidh aig an àm seo," thuirt i.