Àrd-oifigear Stòras Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Darren Mac an TàilleirTùs an deilbh, Stòras Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,

Darren Mac an Tàilleir

Dh'fhoillsich Stòras Uibhist gu bheil iad air Àrd-oifigear a dhearbhadh san obair.

Is esan Darren Mac an Tàilleir a th'air a bhith a' dèanamh na h-obrach san eadar-ama agus a bhios a-nis a' leantainn air san dreuchd.

Thòisich Mgr Mac an Tàilleir aig Stòras Uibhist san Dàmhair 2019 is a' bhuidheann air a dhol thro atharrachaidhean gu leòr thuige seo, nam measg a' fastadh manaidsear ionmhais ùir agus manaidsear leasachaidh ùir.

Tha gu leòr eile san amharc airson na bliadhna seo, leithid obair air drèanaichean a dhèanamh nas fheàrr, agus pròiseictean aig Cidhe Loch Baghasdail agus aig Cluba Goilf Aisgearnais.

Fosglaidh am Maoin Coimhearsnachd a-rithist cuideachd.

Stiùireadh

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Màiri Schmoller: "Tha am bòrd a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Darren thairis air na mìosan is na bliadhnaichean a tha romhainn."

"Tha e cudtromach gu bheil stiùireadh làidir againn agus gu bheil sinn seatlaigte mar bhuidhinn agus tha Darran a' tabhainn sin," thuirt i.

Thuirt Darren nach b'urrainn na b'fheàrr obair fhaighinn agus gun robh e fìor thoilichte gun tug am bòrd dhà an cothrom leantainn air leis an obair làn-ùine.

"Tha fìor dheagh chothrom againn obair na buidhne a ghluasad air adhart sa bhliadhna sa agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris an luchd-obrach, ris a' bhòrd agus ris a' choimhearsachd air fad," thuirt Mgr Mac an Tàilleir.

"Tha mi air mo dhòigh a' fuireach an Uibhist a Deas agus cho toilichte gu bheil fhios agam gum bì mi an seo airson bliadhnaichean fhathast," thuirt e.