Stiùireadh na h-eaglaise air a' choronabhìoras
Tha diofar eaglaisean an Alba air stiùireadh fhoillseachadh air dè bu chòir dèanamh gus buaidh a' choronabhìorais a lùghdachadh.
Chan eil seirbheisean gan cur dheth an seo fhathast mar a thachair san Eadailt, ach tha grunn eaglaisean air moladh gun làmhan a' chèile a chrathadh is gun fìon comanachaidh òl bhon aon chupa.
Tha grunn eaglaisean cuideachd am beachd seirbheisean a' chraoladh air-loidhne a-màireach, feuch an cuidich e gus daoine a' chumail a-staigh.
Tha tuilleadh aig Andreas Wolff.