Naidheachdan 11:00m

Chaidh rabhadh a thoirt dhan Riaghaltas gun tèid gnìomhachas aoigheachd Bhreatainn fodha le buaidh a' Choròna-Bhìorais mura faigh an roinn sin taic na Stàite. Chuir Comann Leanna agus Thaighean-Sèinnse Bhreatainn litir gu Boris Johnson ag iarraidh cur às do chìsean malairt agus cìsean eile airson sia mìosan. Chaidh iarraidh an-dè air daoine àiteachan poblach mar thaighean-sèinnse agus taighean-bìdhe a sheachnadh. Tha dùil ri tuilleadh taice bhon t-seansalair an-diugh airson an eaconomaidh a chuideachadh.

Tha sgoiltean a' dùnadh air feadh nan dùthchannan Eòrpach, ach thuirt an dà chuid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba nach eil sin nam beachd an-dràsta. Ach thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon gur e suidheachadh a th' ann air am bi iad a' coimhead an-diugh fhathast.

Leig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean fhaicinn an-diugh gun sguir teagasg aghaidh ri aghaidh aig 5:00f Dihaoine - rud a rinn na h-uimhir de dh'oilthighean eile mar thà. Bidh ge-tà, togalaichean UHI fosgailte eadar leabharlainn, àiteachan-còmhnaidh is eile.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e suidheachadh ris nach biodh dùil as coireach gun do dhùin iad dà sgoil eile, ach nach eil gnothach aig dùnadh nan sgoiltean sin ris a' bhìoras. Tha Bun-Sgoil Bhaile a' Ghobhainn ann an Inbhir Nis agus Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Shrath Èireann dùinte an-diugh. Dhùin a' Chomhairle Bun-Sgoil a' Chnuic Bhric agus Bun-Sgoil Chnoc na Creige ann am Baile Dhubhthaich an-dè le amharas mu cheanglaichean ris a' bhìoras. 'S tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid air Àrd-Sgoil Thiriodh agus Bun-Sgoil Dhearbhaig ann am Muile a dhùnadh air an aon adhbhar.

Tha Riaghaltas na h-Èireann ag iarraidh air daoine gun chruinneachadh a chomharrachadh Là Fèille Phàdraig an-diugh. Chaidh mòran chruinneachaidhean den t-seòrsa sin a chur dheth ann an Èirinn, anns an Rìoghachd Aonaichte agus anns na Stàitean Aonaichte.

Anns an Fhraing thèid càin air duine nach lìon duilleag riaghaltais ag innse carson a dh'fheumas iad an dachaigh fhàgail. Bidh ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' beachdachadh an-diugh air crìochan a-muigh na h-Eòrpa a dhùnadh airson 30 là air a' char as giorra. Cha toireadh sin buaidh air crìochan Bhreatainn.

Am measg naidheachdan eile an là tha Carphone Warehouse a' dùnadh nam bùthainnean aca gu lèir air feadh Bhreatainn agus thèid mu 3,000 cosnadh a chall. Thuirt a' chompanaidh nach eil gnothach aig a' Choròna-Bhìoras ris a' cho-dhùnadh, agus gur e a th' ann ach atharrachadh anns an dòigh sa bheil daoine a' ceannach nam fònaichean-làimhe aca. Tha 36 bùth aig Carphone Warehouse ann an Alba.