Moladh air coimhearsnachd nan Eilean

  • Air fhoillseachadh
Joan MuirTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Joan Muir am measg nan saor-thoileach ann an Leòdhas.

Tha còrr is 200 duine air innse do Chomhairle nan Eilean Siar gum biodh iad deònach taic saor-thoileach a thoirt seachad sa choimhearsnachd tro stàing a' choròna-bhìorais.

Stèidhich an t-ùghdarras sgeama an t-seachdain-sa chaidh is iad ag iarraidh air daoine cuideachadh mas urrainn dhaibh.

Dh'innis a' Chomhairle gu bheil iad air an dòigh le na fhuair iad de thaic thuige seo.

"Nuair a sgaoil sinn iarrtas bha fios againn gun tigeadh daoine air adhart", thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh.

Tuigse

"'S ann mu dheidhinn coimhearsnachd a tha seo, agus tha muinntir nan Eilean Siar dha-rìribh a' tuigsinn dè th' ann an coimhearsnachd.

"Tha sinn moiteil dha-rìribh às na daoine seo agus bu chòir dhuinn uile togail fhàighinn às an obair a tha a' dol air adhart gus seirbheisean a thoirt seachad aig àm a tha cho dùbhlanach", thuirt e.

Dh'innis a' Chomhairle gu bheil cothrom fhathast aig daoine a dhol an sàs san sgeama.

Gheibhear am fiosrachadh an seo, taobh a-muigh no air 01851 822899.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh