Banca-bìdhe Ghallaibh nas trainge

  • Air fhoillseachadh
Banca-bìdhe

Tha banca-bìdhe Ghallaibh air àrdachadh fhaicinn air an àireamh dhaoine a tha a' cleachdadh na seirbheis, chun na h-ìre cha mhòr agus a thathas a' faicinn ann an Inbhir Nis.

Bho chaidh na riaghailtean cuingealachaidh a chur an-sàs, thuirt iad gu bheil daoine air tighinn thuca nach eil iad air fhaicinn 'son còrr air bliadhna agus biadh a dhìth orra.

Tha cuid de luchd-obrach High Life Highland air a bhith ag obair gu saor-thoileach air rudan a lìbhrigeadh gus dèanamh cinnteach gu bheil taic aig a h-uile duine tha feumach air an leithid.