Oidhirp companaidh luchd-obrach a dhìon bhon Choròna-Bhìoras

  • Air fhoillseachadh
SGL CarbonTùs an deilbh, Google Street View

Tha companaidh air Ghàidhealtachd air camarathan a chur an sàs a tha a' clàradh teothachd bhothaige dhaoine ann an oidhirp an luchd-obrach a dhìon bhon Choròna-Bhìoras.

'S iad a' chiad chompanaidh air a' Ghàidhealtachd a tha air an ceum seo a ghabhail.

Tha SGL Carbon air a' Bhlàr Dhubh air camarathan a chur san àite-fhàilteachaidh aca airson sgrùdadh a dhèanamh air luchd-tadhail agus luchd-obrach nuair a thèid iad a-steach dhan togalach.

Ma tha teothachd bothaige duine nas àirde na 37.5 celsius - an ìre àbhaisteach - thèid iarraidh orra an togalach fhàgail.

'S i teothachd bothaige àrd aon de na comharran de Chovid-19.

Tha dà chamara air a chleachdadh. Bidh aon a' togail dealbh àbhaisteach, agus bidh an camara eile a' tarraing ìomhaigh theasaich faic dè cho blàth 's a tha an neach.

A rèir choltais tha an teothachd a tha air a clàradh gu math faisg air teothachd na bothaige - taobh a-staigh leth degree.

Teicneòlas

Tha SGL Carbon a' dèanamh co-phàirtean airson ghnìomhachasan leithid cumhachd gaoithe, cùram slàinte agus obair fhànais agus tha mu 200 duine a' faighinn cosnadh ann.

Thuirt Stephen Easton bhon chompanaidh gun robh iad airson misneachd a thoirt dhan luchd-obrach gun robh iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh.

"Seo aon de na rudan a ghabhas a dhèanamh mus tig daoine a-steach dhan làraich," thuirt e.

Chaidh na camarathan a chur an sàs leis a' chompanaidh IRN Security, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Thuirt IRN gun tàinig an teicneòlas dhan Rìoghachd Aonaichte an t-seachdain a chaidh.

A rèir na companaidh chaidh a leasachadh ann an Sìona agus tha e air a chleachdadh gu trìc ann an sin ri linn a' Choròna-Bhìorais.