Stiùireadh mu aodach dìon

  • Air fhoillseachadh
Nurs le masg air a h-aodannTùs an deilbh, Getty Images

Thug Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taing seachad do ghnothachasan agus do mhuinntir na sgìre a thug seachad aodach dìon phearsanta an-asgaidh gus luchd-obrach na seirbheis slàinte a chumail sàbhailte bhon Choròna-Bhìoras.

Thuirt iad nach robh iad idir an dùil gum faigheadh iad uiread 's a fhuair iad.

Thuirt iad ge-tà, gu bheil aca ri dèanamh cinnteach gu bheil an leithid de dh'aodach agus de dh'uidheamachd a' dol a rèir an stiùiridh nàiseanta, agus gu bheil iad air duilleag a chur air an làraich-lìn , taobh a-muighaca le tuilleadh fiosrachaidh.